Skip to content

Ciamar a Gheibh Teaghlaichean Beatha Thoilichte?

Ciamar a Gheibh Teaghlaichean Beatha Thoilichte?

An saoilidh tu gur e . . .

  • gaol?

  • airgead?

  • rudeigin eile?

THA AM BÌOBALL AG RÀDH

“Is beannaichte iadsan a tha ag èisteachd ri facal Dhè agus a chumas e.”—Lùcas 11:28, An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr 2017.

THA SIN A’ CIALLACHADH DHUT

Gaol fìor-ghlann.—Ephèsianaich 5:28, 29.

Urram fìor.—Ephèsianaich 5:33.

Cùram cinnteach.—Marcus 10:6-9.

AN CREID SINN LE CINNT DÈ THA ANNS A’ BHÌOBALL?

Creididh, airson co-dhiù dà adhbhar:

  • ’S e Dia a chruthaich beatha teaghlaich. Tha Am Bìoball ag ràdh gu “bheil gach teaghlach . . . air an ainmeachadh” air sgàth ’s Dia Iehòbha ar n-Athair. (Ephèsianaich 3:14, 15) Tha seo a’ ciallachadh gun thàinig beatha teaghlaich gu bi bhon chruthachadh aig Iehòbha. Carson a tha an eòlas sin cudromach?

    Saoil: Nam biodh tu ag ithe biadh blasta, agus tha thu airson faighinn a-mach dè stuth a chaidh ann? Cò na b’fhèarr dhut fhaighnich ach an duine a rinn e?

    Mar sin, ma tha sinn airson faighinn a-mach dè nì beatha teaghlaich toilichte, ’s e gliocas a bhiodh e, a coimhead ris Am Facal Dhè.—Genesis 2:18-24.

  • Tha Dia glè mheasail ort. Tionndaidh teaghlaichean glic gu Iehòbha airson a chomhairle, tha seo ri fhaighinn anns a’ Bhìoball “Oir tha cùram aige dhuibh.” (1 Peadar 5:6, 7) Tha Iehòbha ag iarraidh a chuid as fhèarr dhut—agus bidh an comhairle aige ag obrachadh a h-uile turas!—Gnàth-fhacal 3:5, 6; Isaiah 48:17, 18.

SMAOINICH AIR

Ciamar a bhios thu fhèin math nad fhear pòsta, nad bhean no nad phàrant?

Tha Am Bìoball a’ freagairt sin aig EPHÈSIANAICH 5:1, 2 agus COLOSIANAICH 3:18-21.