Cuin A Thoisicheas An Rìoghachd Dhè A’ Riaghladh Tharais Air An Talamh?
Bha feadhainn den dheisciobail dìleas aig Ìosa ag iarraidh fìos mu cuin a thoisicheas an Rìoghachd Dhè a’ riaghladh, ach thuirt Ìosa dhaibh, nach bi fhios aca gu mionaideach cuin a bhios i a’ riaghladh tharais air an talamh. (Gnìomharan 1:6, 7) Na bu tràithe, ge-tà, dh’innis e dhaibh nuair a chitheadh iad tachartan sonraichte uile gu lèir aig an aon àm, bhiodh fìos aca: “gu bheil rìoghachd Dhè faisg air làimh” agus an tìde airson an Rìoghachd Dhè a’ riaghladh an t-saoghail.—Lùcas 21:31.
DÈ NA TACHARTASAN A THUIRT ÌOSA A BHA RI THIGHINN?
Thuirt Ìosa: “Èiridh nàisean an aghaidh nàisein, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. Bidh crithean-talmhainn mòra ann, agus goirtean agus plàighean ann an iomadh àite.” (Lùcas 21:10, 11) Mar a dh’aithnicheas tu cuideigin le loidhnichean air a’ chorrag, aithnich tu gu bheil na “rìoghachd Dhè faisg air làimh” leis na tachartasan seo uile gu lèir agus aig an aon àm. A bheil na tachartasan seo ri fhaicinn air feadh an t-saoghail agus aig an aon àm? Smaoinich mu am fianais.
1. COGAIDHEAN
Ann an 1914, thòisich cogadh nach fhaca duine a-riamh ron a sin, cogadh a dh’atharraich eachdraidh mac an duine gu bràth! Bha sin a’ Chiad Cogadh Mòr. Thug an cogadh sin a-steach tancaichean air sgèile mòr, bomaichean adhair, gunnaichean inneil, gas puinnseanta, agus arm marbhtach eile cuideachd airson a’ chiad turas. Lean an Dàrna Cogadh Mòr as a dhèidh, le arm atamach air cleachdadh son a’ chiad turas. Tha mac an duine air a bhith sabaid cogaidhean ann an iomadh àite o 1914, agus tha na cogaidhean sin air marbhadh milleanan de dhaoine.
2. CRITHEAN-THALMHAINN
A h-uile bliadhna tha mu 100 crithean-thalmhainn a tha mòr gu leòr airson tomhas mòr chron a dhèanamh, arsa an Britannica Academic. Agus thuirt Suirbhidh Gheòlasach Na Stàitean Aonaichte: “A rèir clàran fad-ùine (bho timcheall 1900), tha dùil againn gum bi mu 16 crithean-thalmhainn mòra ann gach bliadhna.” Ged a tha feadhainn ag ràdh gu bheil na sgilean-thomais luirg nas fhèarr na bha iad, ’s e an fhìrinn gu bheil daoine a’ bàsachadh agus a’ fulaing air sgàth crithean-thalmhainn barrachd na bha riamh.
3. GANN DE BIADH
Bidh daoine gann de biadh air feadh an t-saoghail air sgath cogadh, coirbeachd, trioblaidean eaconomaigeach, droch-laimhseachadh aiteachais agus gun planadh airson shìde uamhasach is sgriosail. Tha an “2018 Year in Review” den World Food Programme ag ràdh: “tharais air an t-saoghal, tha 821 millean dhaoine leis an t-acras—124 millean ann droch staid leis.” Gach bliadhna tha gann de biadh fallain an adhbhar bàs aig 3.1 millean cloinne. Ann an 2011, ’s e sin an adhbhar a bhàsaich mu 45 sa cheud cloinne, air feadh an t-saoghail.
4. GALARAN AGUS GALARAN SGAOILTE
Tha foillseach den Buidheann Slàinte na Cruinne ag ràdh: “Tha galaran mòra is sgaoilte air a bhith ann mar-tha san 21mh linn. Tha galaran aosda mar cholera, plàigh agus am fiabhras-buidhe, air tilleadh. Agus thòisich galaran ùra mar SARS, an cnatan mòr sgaoilte, MERS, Ebola agus Zika.” Tha an galar mòr-sgaoilte COVID-19 an tè as ùra. A dh’aindeoin dè dh’ionnsaich luchd-saidheans agus dotairean mu tinneas, chan urrain dhaibh leighis a lorg airson a h-uile galar.
5. SEARMONACHADH AIR FEADH AN T-SAOGHAL
Sheall Ìosa dhuinn pàirt eile den soidhne nuair a thubhairt e: “Agus bidh an soisgeul seo aig an rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an t-saoghail gu lèir, mar fhianais dha na nàiseanan uile, agus an uair sin thig an deireadh.” (Mata 24:14) Nuair a tha droch trioblaidean a’ tachairt san t-saoghal, tha còrr is ochd millean dhaoine bhon a h-uile nàisean a’ cur an cèill na Rìoghachd Dhè ann an 240 dùthchannan agus barrachd air 1000 cànain. Cha do thachair seo a-riamh ann an eachdraidh mac an duine.
DÈ THA AN SOIDHNE A’ CIALLACHADH DHUINNE?
Tha na tachartasan den soidhne a thug Ìosa dhuinn a’ dol air adhart an-diugh. Carson a bhith ùidh againn ann an seo? A chor ’s gun dh’innis Ìosa dhuinn: “Nuair a chì sibh na rudan seo a’ tachairt, biodh fios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè faisg air làimh.”— Lùcas 21:31.
Tha ruith-eachdraidh a’ Bhìoball agus an soidhne a thug Ìosa dhuinn gar cuideachadh a’ tuigsinn gun chuir Dia an cois an Rìoghachd aige sa bhliadhna 1914. a Aig an àm sin, shuidhich e a Mhac, Ìosa Crìost, mar Rìgh. (Salm 2:2, 4, 6-9) A dh’aithghearr, riaghlaidh an Rìoghachd Dhè tharais air an talamh, agus cuiridh i às riaghaltasan a tha na h-aghaidh agus nì i an talamh na pàrras gu bràth.
A dh’aithgheàrr, bidh na faclan san ùrnaigh a theagaisg Ìosa air an coileanadh: “Thigeadh do rìoghachd, gum biodh do thoil air a dèanamh, air an talamh mar a tha i air a dèanamh air nèamh.” (Mata 6:10) Dè, ge-tà, bheil an Rìoghachd air a bhith a’ dhèanamh bhon thòisich i a riaghladh ann an 1914? Agus dè faodaidh sinn a coimhead air adhart ris nuair a gabhaidh an Rìoghachd riaghladh slàn air mac an duine.
a Airson fiosrachaidh mu am bliadhna 1914, faic leasan 32 san leabhar Meal Beatha gu Bràth! air fhoillseachadh le Fianaisean Iehòbha.