Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 12

Dè Bhiodh gad Cuideachadh a Cumail ort Am Bìoball a’ Sgrùdadh?

Dè Bhiodh gad Cuideachadh a Cumail ort Am Bìoball a’ Sgrùdadh?

’S e rud matha a th’ann Am Bìoball a sgrùdadh. Ach, chan eil e an-còmhnaidh furasta. Uaireannan ’s dòcha gun saoilidh tu, an urrainn leat a leantainn air adhart le sgrùdadh a’ Bhìobaill. Ach carson a tha an oidhirp seo math dhut? Dè as urrainn gad chuideachadh a dh’aindeoin duilgheadasan?

1. Carson a tha sgrùdadh a’ Bhìobaill luachmhor?

“Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach.” (Eabhraidhich 4:​12, ABG) Tha Am Bìoball luachmhor oir tha e ag innse dhuinn mu dheidhinn na faireachdainn agus smuain aig Dia mu do dheidhinn sa. Tha e gad chuideachadh a fàs ann an fìor eòlais, gliocais agus dòchais. As cudromaiche, tha Am Bìoball gad chuideachadh a bhith na charaid Iehòbha. Nuair a tha thu a sgrùdadh a’ Bhìoball, tha thu a’ leigeil a chumhachd aige ag obrachadh sam beatha agad airson math.

2. Carson a tha e cudromach ag aithneachadh dè cho sonraichte ’s a tha an fhìrinn a’ Bhìobaill?

Tha an fhìrinn a’ Bhìobaill mar ionmhasan luachmhor. Tha seo an adhbhar a tha Am Bìoball gar brosnachadh “ceannaich an fhìrinn, agus na reic i.” (Gnàth-Fhacal 23:23) Nuair a chuimhneachadh sinn dè cho luachmhor ’s a tha Am Bìoball, bidh sinn a cumail a’ dol, a dh’aindeoin na duilgheadasan a th’ againn.​—Leugh Gnàth-Fhacal 2:4, 5.

3. Ciamar as urrainn Iehòbha gad chuideachadh a’ cumail ort le do sgrùdadh?

Mar Cruithear cumhachdach agus do Charaid, tha Iehòbha ag iarraidh thu a fàs nas eòlaiche air. ’S urrainn Dia a toirt dhut an “rùnachadh ’s airson obrachadh a rèir a dheagh thoil fhèin.” (Leugh Philipianaich 2:13) Mar sin, ma tha feum ort air bhrosnachadh cùm a’ dol le sgrùdadh agus a’ dèanamh na rudan a tha thu air ionnsachadh agus ’s urrainn Dia gad cuideachadh. Ma tha feum ort air cumhachd airson dèiligeadh le trioblaidean, bheir e sin dhut cuideachd. Ùrnaigh ri Iehòbha gu tric airson cuideachas Am Bìoball a’ sgrùdadh.​—1 Thessalonians 5:17.

IONNSAICH TUILLEADH

Ionnsaich ciamar as urrainn dhut a cumail ort le do sgrùdadh ged a tha thu trang no fulang aghaidheachadh. An uairsin smaoinich mu chiamar a bhios Iehòbha gad chuideachadh a leantainn air adhart le do sgrùdadh.

4. Cuir sgrùdadh a’ Bhìobaill agad sa phrìomh àite

Uaireannan bidh ar beatha a fàs cho trang, tha e a coltach nach eil àm againn airson Am Bìoball a sgrùdadh. Dè as urrainn gad chuideachadh? Leugh Philipianaich 1:10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas:

  • Nad bheachd sa dè tha cuid de “na rudan as fheàrr,” ann am beatha?

  • Ciamar as urrainn dhut a cur an sgrùdadh a’ Bhìobaill agad sa phrìomh àite?

  1. Ma lìonas tu bucaid le gainmheach an toiseach, cha bhi rùm ann airson na clachan

  2. Ma chuireas tu na clachan ann sa chiad àite ge-tà, bidh rùm fhathast ann airson a mhòr chuid den gainmheach. San aon dhòigh, ma tha thu a’ cur na rudan as cudromaiche sa phrìomh àite na do bheatha, nì thu iad agus bidh àm agad fhathast airson rudan eile

Tha ar feum-spioradail sàsaichte nuair a sgrùdaidh sinn a’ Bhìoball. Mar tha feum againn air biadh, feumaidh sinn eòlas air Dia agus adhradh a dhèanamh dha. Leugh Mata 5:​6, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar a buannaich sinn nuair a’ chuireas sinn sgrùdadh a’ Bhìobaill sa phrìomh àite?

5. Seas an aghaidh duilgheadasan

Aig amannan, feuchaidh feadhainn stad a chuir ort Am Bìoball a’ sgrùdadh. Faic an eisimpleir aig Francesco. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • ’S a bhidio, ciamar an robh na caraidean agus teaghlach aig Francesco a’ faireachdainn nuair a dh’innis, e dhaibh na bha e ag ionnsachadh?

  • Dè buanaich e air sgàth’s gun do chùm e a’ dol?

Leugh 2 Timòteus 2:24, 25 agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ciamar a tha do theaghlach agus caraidean a’ faireachdainn mu na tha thu air ionnsachadh?

  • A rèir na rannan seo, dè bu chòir dhut a dhèanamh, ma tha cuideigin mì-thoilichte gu bheil thu a’ sgrùdadh a’ Bhìobaill? Carson?

6. Cuir d’ earbsa ann an Iehòbha

Tha sinn ag iarraidh a dèanamh a mhiann Dhè nuair a dlùthaich sinn ris. Ge-tà, ’s dòcha gu bheil e duilich atharrachaidhean a’ dhèanamh airson dòigh-beatha ceart a bhith againn. Ma tha thusa a faireachdainn mar sin, na thoir suas. Chuidichidh Iehòbha thu. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Anns a’ bhidio, dè na h-atharrachaidhean a rinn Jim airson a’ dèanamh na rudan a bha Iehòbha ag iarraidh?

  • Dè bu toil leatsa mun eisimpleir aige?

Leugh Eabhraidhich 11:6, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè nì Iehòbha airson iadsan “a shireas e gu dìcheallach.”​—iadsan a tha a’ dèanamh an dìcheall airson fàs eòlach air Dia agus a dèanamh a mhiann aige?

  • Dè tha seo ag innse dhut mu chiamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn nuair a chì e an oidhirp agad airson Am Bìoball a’ sgrùdadh?

’S DÒCHA GUM FAIGHNICH CUIDEIGIN: “Carson a tha thu a’ sgrùdadh a’ Bhìoball?”

  • Ciamar a freagradh tu?

GEÀRR-IOMRADH

Ged nach eil e an-còmhnaidh furasta, faodaidh sgrùdadh a’ Bhìobaill gar cuideachadh a mealadh beatha gu bràth. Cuir d’ earbsa ann an Iehòbha, agus bheir e dhut beannachdan.

Ath-sgrùdadh

  • Carson a tha fìrinnean a’ Bhìobaill luachmhor dhutsa?

  • Ciamar a nì thu cinnteach gu bheil “na rudan as fheàrr” sa chiad àite?

  • Carson am bu chòir dhut cuideachas fhaighinn à Iehòbha, airson a cumail ort Am Bìoball a sgrùdadh?

Amas

RANNSAICH

Smaoinich air ceithir dòighean a tha air cuideachadh mòran dhaoine an tìde aca a cleachdadh gu glic.

“How to Invest Your Time Wisely” (Awake!, February 2014)

Faic ciamar an do chuidich Iehòbha boireannach aig an robh fear nach robh a tuigsinn carson a bha i ag iarraidh a bhith umhail do Dhia.

Jehovah Strengthens Us to Carry Our Load (5:05)

Faic ciamar a’ bhuannaich aon duine bhon leanaltas a bhean.

I Put the Truth on Trial (6:30)

Uaireannan bidh feadhainn ag ràdh gum bi Fianaisean Iehòbha a’ bhriseadh suas teaghlaichean. Ach, a bheil seo fìor?

“Do Jehovah’s Witnesses Break Up Families or Build Them Up?” (Artaigil-lìn)