Dè th’ ann Ciall na Beatha?
Freagairt a’ Bhìobaill
Faodaidh a’ cheist mu chiall na beatha air a faighneachd ann an iomadh dòigh, mar, “Carson a tha sinn an seo?” no “A bheil adhbhar ann airson mo bheatha?” Tha Am Bìoball a’ sealltainn ’s e a bhith togail càirdeas le Dia an t-adhbhar ann airson ar beatha. Meòraich air na fìrinnean bunaiteach a tha Am Bìoball a’ nochdadh.
’S e Dia Ar Cruithear. Tha Am Bìoball ag ràdh: “Is e [Dia] a rinn sinn, agus cha sinn fhèin.”—Salm 100:3; Taisbeanadh 4:11.
Tha adhbhar aig Dia airson a h-uile sìon a tha e a’ cruthachadh, sinne nam measg.—Isaiah 45:18.
Chruthaich Dia sinn le dìth spioradail; tha seo a’ gabhail a-steach ciall na beatha a lorg. (Mata 5:3) Tha e ag iarraidh a’ mhiann seo a shàsachadh.—Salm 145:16.
Bidh sinn a’ sàsachadh ar dìth spioradail le càirdeas a togail le Dia. Tha feadhainn den bheachd nach eil càirdeas le Dia comasach, ach tha Am Bìoball a’ toirt dhuinn am brosnachadh seo: “Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh esan ribhse.”—Sheumais 4:8; 2:23.
Airson a bhith na caraid Dhè, feumaidh sinn a bhith beò a rèir an t-adhbhar aige air ar son. Tha Am Bìoball ag innse dhuinn dè tha an t-adhbhar aige aig Eclesiastes 12:13: “Biodh eagal Dhè ort, agus glèidh a àitheantan; oir is e seo dleasdanas iomlan an duine.”
San àm ri teachd, faodaidh am miann tùsail aig Dia a bhith againn, nuair a chuireas e crìoch air fulangas agus a toirt beatha mhaireannach do na caraidean aige, iad a tha dèanamh adhradh dha.—Salm 37: 10, 11.